Suantraí Ár Slánaitheora

Tune Type: Christmas Carol

Alternative Titles: ‘Tàladh Chrìosda’, ‘Tàladh ar Slànair’, ‘Tàladh ar Slànaigheir’, ‘Taladh ar Slanuighir (Cuimhneachan do Chloinn Mhuideart)’, ‘Christ’s lullaby’, ‘Christ Child’s Lullaby’, ‘The Christ-Child’s Lullaby’, ‘Our Saviour’s Lullaby (Memento to the Children of Moidart)’

History:

Lyrics:

Cúrfá: 
Alleluia, alleluia
Alleluia, alleluia

1. Mo ghaol, mo ghràdh, a's m' fheudail thu,
M' ionntas ùr a's m' èibhneas thu,
Mo mhacan àlainn ceutach thu,
Chan fhiù mi fhèin bhith 'd dhàil.

Ge mòr an t-adhbhar cliù dhomh e
'S mòr an t-adhbhar cùraim e
'S mòr an t-adhbhar ùmhlachd e
Rìgh nan dùl bhith 'm làimh

Ged is leanabh dìblidh thu
Cinnteach 's Rìgh nan Rìghrean thu
'S tu 'n t-oighre dligheach, fìrinneach
Air Rìoghachd Dhé nan gràs

Ged is Rìgh na glòrach thu
Dhiùlt iad an taigh-òsda dhuit
Ach chualas ainglean solasach
Toirt glòir don Tì as àird

Bu mhòr solas agus iongnadh
Buachaillean bochda nan caorach
Nuair chual' iad na h-ainglean a' glaodhaich
"Thàinig Slànaighear thun an t-saoghail."

B' e sin an ceòl, 's an naidheachd àghmhor
Sheinn na h-ainglean anns na h-àrdaibh
Ag innseadh gun d' rugadh Slànaighear
Am Betlehem, am baile Dhaibhidh

B' e sin sgeula binn nam beannachd
Mun aoigh a rinn teàrnadh gu talamh
Chan iongnadh mi bhith mùirneach, geanail
Is gile na ghrian mo leanabh

Dh'fhoillsich reulta dha na rìghrean
Lean iad i mar iùil gu dìleas
Fhuair iad nam achlais fhèin thu
Is rinn iad ùmhlachd dhuit gu làr

Thairg iad òr dhuit, mirr a's tùis
Thug iad adhradh dhuit is cliù
B' e turas an àigh don triùir
Thàinig a shealltainn mo rùin

Ò na dh'innis aingeal Dé dhuinn
Gun robh 'n fhoill an cridhe Heroid
Dh'fhalbh sinne leat don Èiphit
Ga sheachnadh mun dèanta beud ort

Ò! Heroid a chridhe chruaidh
Cha choisinn d' innleachd dhuit buaidh
'S lìonar màthair dh’fhàg thu truagh
'S tu dian an tòir air bàs mo luaidh

'S fhada, fhada, bho Iudèa
Tèarainte bho d' chlaidheamh geur e
Measg nam mac cha d'fhuair thu fhèin e
'S fallain, slàn thu, 's fàth dhomh èibhneas

Dh'aindeoin do mhì-rùn] is d' fharmaid
Bidh mo mhac-sa cliùiteach, ainmeil
Cha chuir e ùidh an òr n' an airgead
A rìoghachd cha rìoghachd thalmhaidh

Gur galach, brònach, tùrsach iad
An-dràst ann an Ierusalem
A' caoidh nam macan ùra sin
'S b' e 'n diùbhail 'n cur gu bàs

Tha Rachel an-diugh fo bhròn
A' caoidh a pàistean àlainn, òg
'S frasach air a gruaidh na deòir
Bho nach eil iad aice beò

Tha mi 'g altrum Righ na mòrachd
'S mise màthair Dhe na glòire 
Nach buidhe, nach sona dhomhsa
Tha mo chridhe làn do sholas

Thàinig, thàinig am Messiah
Fhuair na fàidhean uile 'n guidhe
'S fhada bho 'n b' aill leo thu thighinn
'S àluinn thu air mo ruighe

A ghnothach gu talamh cha b' fhaoin e
Cheannach sàbhaladh chloinn daoine
'S e 'm Fear-réite 's am Fear-saoraidh
Is e 'n Slànui'ear gràdhach caomh e

Ciamar a dh'éirich dhomhsa
'Measg an t-sluaigh a bhi cho sònruicht'?
'S e toil a's cumhachd na glòire
Mac bhi agam ge d' is òigh mi

'S mise fhuair an ulaidh phrìseil
Ùiseil, uasal, luachmhor, fhìnealt
'N-diugh cha dual dhomh bhi fo mhì-ghean
'S coltach ri bruadar an fhirinn

Cha tuig ainglean naomh no daoine
Gu la deireannach an t-saoghail
Meud do thròcair a's do ghaoil-sa
Tighinn a ghabhail coluinn daonnda

Bheir mi moladh, bheir mi adhradh
Bheir mi cliù dhuit, bheir mi gaol dhuit
Tha thu agam air mo ghàirdean
'S mi tha sona thar chloinn daoine

Mo ghaol an t-sùil a sheallas tlàth
Mo ghaol an cridh 'tha lìont' le gràdh
Ged is leanabh thu gun chàil
'S lìonmhor buaidh tha ort a' fàs

M' ulaidh, m' aighear, a's mo luaidh thu
Rùn, a's gaol, a's gràdh an t-sluaigh thu
'S tus' an Tì a bheir dhoibh fuasgladh
Bho chuibhreach an nàmhaid uaibhrich

'S tu Righ nan righ, 's tu naomh nan naomh
Dia am Mac thu 's sìorruidh d' aois
'S tu mo Dhia 's mo leanabh gaoil
'S tu àrd cheann-feadhna 'chinne-daonn'

'S tusa grian gheal an dòchais
Chuireas dorchadas air fògairt
Bheir thu clann-daoin' bho staid bhrònaich
Gu naomhachd, soilleireachd, a's eòlas

Thigeadh na slòigh chur ort failte 
Dhèanadh ùmhlachd dhuit mar Shlànui'ear
Bidh solas mòr am measg sìol Àdhamh 
Thàinig am Fear-saoraidh, thàinig

Thig a pheacaich, na biodh sgàth ort
Gheibh thu na dh'iarras tu 'ghràsan
Ge d' bhiodh do chiontan dearg mar sgàrlaid
Bidh d' anam geal mar shneachd nan àrd-bheann

Hosanah do Mhac Dhaibhidh
Mo Righ, mo Thighearna, 's mo Shlànui'ear
'S mòr mo sholas bhi ga d' thàladh
'S beannaichte am measg nam mnàith mi
Cúrfá: 
Alleluia, alleluia
Alleluia, alleluia

1. My love, my pride, my treasure oh
My wonder new and pleasure oh
My son, my beauty, ever You
Who am I to bear You here?

2. The cause of talk and tale am I
The cause of greatest fame am I
The cause of proudest care on high
To have for mine, the King of all.

3. And though You are the King of all
They sent You to the manger stall
Where at Your feet they all shall fall
And glorify my child, the King.

4. There shone a star above three kings
To guide them to the King of kings
They held You in their humble arms
And knelt before You until dawn

5. They gave You myrrh and gave You gold
Frankincense and gifts untold
They traveled far these gifts to bring
And glorify their newborn King
Cúrfá: 
Alleluia, alleluia
Alleluia, alleluia

1. Mo ghaol, mo ghrá is m'éadáil thú 
Mo stóirín úr is m'fhéirín thú 
Mo mhacán álainn scéimheach thú
Chan fhiú mé féin bheith id' dháil

2. Ba mhórshólás is iontas é 
Ag aoirí bochta ar leacain slé'
Nuair chuala siad Cór Aingeal Dé 
'Tá an Slánaitheoir ar an saol'

3. Is tú grian gheal an dóchais bhuain
A léiríonn dúinn an bóthar cúng
A shaorann sinn ó bhrón 's ó bhuairt 
Led' ghrá 's led ghrásta tróc'reach

4. Cé gur lean-bh díblí thú
Cinnte is Rí na Ríthe thú
An tOidhre dlítheach fíor is tú 
Ar Ríocht Dé na ngrás

Melody:

Chord chart:

*